An Roghainn - Fiona Mackenzie
Choisich mi cuide ri mo thuigse
A-muigh ri taobh a' chuain
Bha sinn còmhla ach bha ise
A' fuireach tiotan bhuam
An sin thionndaidh I ag ràdha
A bheil e fìor gun cual
Thu gu bheil do ghaol geal àlainn
A' pòsadh tràth Diluain
Bhac mi 'n cridhe bha 'g èirigh
'Nam bhroilleach reubte luath
Is thubhairt mi Tha mi cinnteach
Carson bu bhreug e bhuam
Ciamar a smaoinichinn gun glacainn
An rionnag leugach òir
Gum beirinn oirre 's gun cuirinn I
Gu ciallach 'na mo phòc
Cha d' ghabh mise bàs croinn-ceusaidh
An èiginn chruaidh na Spàinn
Is ciamar sin bhiodh dùil agam
Ri aon duais ùir an dàin
Cha do lean mi ach an t-slighe chrìon
Bheag ìosal thioram thlàth
Is ciamar sin a choinnichinn
Ri beithir-theine ghràidh
Ach nan robh 'n roghainn rithist dhomh
'S mi 'm sheasamh air an àird
Leumainn à neamh no iutharna
Le spiorad 's cridhe slàn