Oh Mo Dhuthaich - Capercaillie
Oh mo dhuthaich' stu th'air m'aire
Uibhist chumhraidh ur anan gallan
Far a faighte na daoin' uaisle
Far 'm bu dual do mha 'ic ailein
Tir a' mhurain tir an eorna
Tir 's am pailt a h uile seorsa
Far am bi na gillean oga
Gabhail oran 's 'g ol an lionna
Thig iad ugainn carach seolta
Gus ar mealladh far ar n eolais
Molaidh iad dhuinn manitoba
Duthaich fhuar gun ghual gun mhoine
Cha leig mi leas a bhith 'ga innse
Nuair a ruigear 'sann a chithear
Samhradh goirid foghar sitheil
Geamhradh fada na droch shide
Nam biodh agam fhin de storas
Da dheis aodaich paidhir bhrogan
Agus m'fharadh bhith 'nam phoca
'Sann air uibhist dheanainn seoladh