Dh'èirich mi moch madainn cheòthar
'S shuidh mi air a chnocan bhòidheach
Hù gurie hùm ò
Hì rim i call éile
Hù a hò hì rì
Eu ruibh i a hò
Hù gurie hùm ò
Thàinig mo leannan 'nam chòmhdhail
Bhuail sinn air a' chòmhradh ghòrach
Cha d' thàinig e nuair bu chòir dhà
Tiota beag mun d' rinn mi 'm pòsadh
Ri mac a' bhodachain bhrònaich
Nach tug crios, neo brèid, neo bròg dhomh
Nach tug an stìom is i bu chòir dhomh
Mhic an fhir o 'n charra sgiathach
'S eilean mòr nan eun fiadhaich
Bheirinn fhèin mo bhòid 's mo bhriathran
Mionnan ged do chùmte sgian rium
Gur h-ann dut a thug mi 'n ciad ghaol